Blas na Fèise – June ’21

Blas na Fèise

Disathairne 26mh den Ògmhios, 1.15 – 4.15f, An Talla, Crosabol, Tiriodh

Bidh sinn a’ cur fàilte air a h-uile duine aois 3-18 a thighinn còmhla rinn airson cultar na Gàidhlig a chomharrachadh le feasgar de chur-seachadan spòrsail, leithid: ceòl bho Norrie MacÌomhair (prìomh sheinneadair Skipinnish); dannsa-ceum cuide ri Tara NicFhraing & Seumaidh MacDhòmhnaill (Eabhal); agus slighe ionmhais.

Bidh Fèis Bheag ann fo stiùir Ishbel Chaimbeul do dh’aoisean 3-4 (sgoil-àraich) bho 3 – 3.30f cuideachd.

Faodaidh pàrantan/luchd-cùraim a thighinn nar cuideachd (aig astar le còmhdaichean-aghaidh) airson cuirm deireannach na Fèise agus thèid an rafail a dhèanamh an uairsin cuideachd. Gheibhear tiogaidean an rafail ann am Bùth a’ Bhaile, Café Carrieann, Tyree Gin agus aig an doras air an latha. Ma tha duine sam bith airson duais a thabhainn dhan rafail, cuiribh fios gu feisthiriodh@live.co.uk neo gu Linda Nic a’ Ghobhainn air 07787 571560.

Faodar clàradh airson clann aois-sgoile an seo agus airson clann aois sgoil-àraich an seo. Thèid àitean a thoirt seachad mar a thèid iarraidh orra agus bidh an Fhèis a’ leantainn riaghailtean air an àireamh de chloinn as urrainn a ghabhail. Bidh clàradh fosgailte gu Diciadain 23 An t-Ògmhios.

Ma tha tuilleadh fiosrachaidh a dhìth, nach cuiribh fios gu:

Linda Nic a’ Ghobhainn 07787571560

Janice NicAonghais 078811950951

Bidh an Fhèis a’ leantainn stiùireadh Fèisean nan Gàidheal air Covid-19 agus thèid measadh-cunnart a dhèanamh ron àm. Bu chòir don a h-uile duine aois 12 is nas sine còmhdach-aghaidh a chur orra.

Cha bhi pàirceadh ri fhaighinn aig An Talla eadar 1.15 – 3.30f. Coinnichidh luchd-obrach na Fèise le com-pàirtichean aig geata an Talla. Bidh a’ phàirc-chàraichean fosgailte aig 3.30f airson a leigeil do phàrantan/luchd-cùraim a thogail an cuid cloinne agus a choimhead air cuirm deireannach na Fèise.

Bu chòir do chlann seacaid bhlàth a thoirt leotha oir bidh an slighe ionmhais a’ gabhail àite a-muigh.

Cumaibh sùil airson naidheachd mu Fhèis Thiriodh a’ ceangal ri Fèis Chiùil Thiriodh ann an 2022 airson 30 bliadhna na Fèise a chomharrachadh.

Blas na Fèise (Taste of the Fèis)

Saturday 26th June 2021, 1.15pm – 4.15pm, at An Talla, Crossapol, Tiree.

All 5-18 year olds are welcome to join us for a fun filled afternoon of activities celebrating Gaelic culture including music with Norrie MacIver (lead singer Skipinnish), step-dancing with Tara Rankin and Jamie MacDonald (Eabhal) and a treasure hunt.

There will also be Fèis Bheag with Ishbel Campbell for 3 – 5 year olds (nursery) from 3 – 3.30pm.

All parents/ carers may join us (socially distanced with masks) for our musical finale at 3.30pm when the raffle will also be drawn. Raffle tickets will be available at Bùth a’ Bhaile, Cafaidh Carrieanne, Tyree Gin and at the door. Anyone wishing to donate to the raffle should contact feisthiriodh@live.co.uk or Linda Smith on 07787 571560.

Please click here to register school-aged children and here to book nursery aged children for the event. Please note that spaces are limited and that places will be allocated on a first-come, first-served basis. Booking will close on Wednesday 23rd June.

If anyone requires more information, please contact

Linda Smith 07787571560

Janice MacInnes 078811950951

Please note Fèisean nan Gaidheal’s Covid 19 precautionary procedures and risk assessment will be in place for this event. All over 12 year olds and adults must wear a mask.

Please note that between 1.15 – 3.30pm, there will be no parking within the grounds of An Talla. Children and young people will be met at the hall gate by Fèis staff. However, the car park will open at 3.30pm to allow parents/carers to collect children and / or attend the musical finale.

Children should bring a warm jacket as treasure hunt will be outside.

Watch this space for exciting news about the 30th anniversary of Fèis Thiriodh linking into TMF in 2022.

Leave a comment

Filed under feis

Comments are closed.